« Home | A bheil car snog agad? » 

 

Bha cogais na fìor chruaidh britheamh

Sheall mi air
Do fhalt fada dubh
Ri taobh an lochan
Gu-obann dh' fhoillsich sionnach e-fhèin
Gealach shunndach os a chion

‘S an uair sin
Thill sinn dhan bhaile mhòr
Thusa a’ gluasad nad àrd-aoibhneas
Ri solas coinnle
‘S mise gad leantainn

Thug thu fiamh-gàire dhomh
Ghoid sinn grunn mionaidean eile
Gun suim sam bith againn
Ann an ciont no nàire

Gu mi fhortanach
Bha cuisean fhathast gar feitheamh
Bha cogais na fìor chruaidh bhritheamh

Mu mo dheidhinn

  • Is mise Graisg
  • Fear aca o 'Tìr nam blòg' United Kingdom
  • Fàilte chridheil ort Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann. Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan! Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!
Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Deanta le Blogger
agus Blogger Templates