Tha an teine gad ionndrainn


Dh’ fhàs i na b’fhainne gu math luath
Ar caraid o sia bliadhna deug.
A bheil e amaideachd a bhith cho dlùth
air peataichean?
uaireannan seach air a’ ghnè fhèin,
air na creutairean
nach eil buailteach a bhith leam-leat
air na caractaran nan làthair
gu onarach, gu dìleas
Gus an tig an lath
Nach urrainnear a sheachnadh
Snàthad bhàis a fònadh

Tha an teine gad ionndrainn fad’s a e a’ cur sneachd
Taobh a-muigh far an robh do rìoghachd
Tachartas eile sa bhaile ri taobh na mara
Abhainn eachdraidh gun sgùr a h-uile latha

 

Gathan nan trì-ficheadan

Gathan a’ lùbadh air an slighe
tro na botail liomaineud
A’ glacadh na dathan diofraichte nam broinn
Gathan fhathast a’ siubhal
mus do laigh iad air an leabaidh
Samhradh taobh-a-muigh a’ toirt ionnsaigh air an rùm
Teas ‘s fuaimean ìosal a’ bhaile mhargaidh
às na speuran na bu glainne


Gathan nan trì-ficheadan
fhathast làidir nam smaointinn
Nuair a ghabhas mi sgrìob seachad an taigh ud
Shìos fada gu deas

‘S e deuchainn a rinn iad leis na dathan
Ghabh na luchd-ceannaich riutha
‘s mise air mo dhòigh glan
Thug mi iad gu mòr orm
nuair a chunnaic mi na h-annasan
sna gathan grèine sònraichte

An aisling fhathast gam thoirt air ais
Sa bhad tha mi air falbh ris an t-sruth
ach chan eil e gu diofar dhomh
Tillidh mi daonnan
dhan chladach chracte a’ mhillennium seo

 

A’ bruidhinn riut

Tha taibhse còmhraidh
O samhradh eile a’ priobadh orm
‘S a’ tarraing m’ aire chun na h-oisne
Far an d’ rinn mi conaltradh
Mus do shuidh mi air an trèan oidhche

 

Bha cogais na fìor chruaidh britheamh

Sheall mi air
Do fhalt fada dubh
Ri taobh an lochan
Gu-obann dh' fhoillsich sionnach e-fhèin
Gealach shunndach os a chion

‘S an uair sin
Thill sinn dhan bhaile mhòr
Thusa a’ gluasad nad àrd-aoibhneas
Ri solas coinnle
‘S mise gad leantainn

Thug thu fiamh-gàire dhomh
Ghoid sinn grunn mionaidean eile
Gun suim sam bith againn
Ann an ciont no nàire

Gu mi fhortanach
Bha cuisean fhathast gar feitheamh
Bha cogais na fìor chruaidh bhritheamh

 

A bheil car snog agad?

Bha agam a’ dol airson tiops
Ach bha e a’ dòrtadh
Lorg mi am facal Gàidhlig airson ‘Apocalypse’
Tha an cruinne air blàthachadh
‘S bha fhathast agam a’ dol airson tiops
Ach dh’ fhuireach mi mionaid air a shon
A’ coimhead air tachartasan ‘beò’ Nouvelle-Orléans

Mu mo dheidhinn

  • Is mise Graisg
  • Fear aca o 'Tìr nam blòg' United Kingdom
  • Fàilte chridheil ort Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann. Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan! Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!
Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Deanta le Blogger
agus Blogger Templates