Gathan nan trì-ficheadan
Gathan a’ lùbadh air an slighe
tro na botail liomaineud
A’ glacadh na dathan diofraichte nam broinn
Gathan fhathast a’ siubhal
mus do laigh iad air an leabaidh
Samhradh taobh-a-muigh a’ toirt ionnsaigh air an rùm
Teas ‘s fuaimean ìosal a’ bhaile mhargaidh
às na speuran na bu glainne
Gathan nan trì-ficheadan
fhathast làidir nam smaointinn
Nuair a ghabhas mi sgrìob seachad an taigh ud
Shìos fada gu deas
‘S e deuchainn a rinn iad leis na dathan
Ghabh na luchd-ceannaich riutha
‘s mise air mo dhòigh glan
Thug mi iad gu mòr orm
nuair a chunnaic mi na h-annasan
sna gathan grèine sònraichte
An aisling fhathast gam thoirt air ais
Sa bhad tha mi air falbh ris an t-sruth
ach chan eil e gu diofar dhomh
Tillidh mi daonnan
dhan chladach chracte a’ mhillennium seo