Tha an teine gad ionndrainn
Dh’ fhàs i na b’fhainne gu math luath
Ar caraid o sia bliadhna deug.
A bheil e amaideachd a bhith cho dlùth
air peataichean?
uaireannan seach air a’ ghnè fhèin,
air na creutairean
nach eil buailteach a bhith leam-leat
air na caractaran nan làthair
gu onarach, gu dìleas
Gus an tig an lath
Nach urrainnear a sheachnadh
Snàthad bhàis a fònadh
Tha an teine gad ionndrainn fad’s a e a’ cur sneachd
Taobh a-muigh far an robh do rìoghachd
Tachartas eile sa bhaile ri taobh na mara
Abhainn eachdraidh gun sgùr a h-uile latha