« Home | Tha an teine gad ionndrainn » | Gathan nan trì-ficheadan » | A’ bruidhinn riut » | Bha cogais na fìor chruaidh britheamh » | A bheil car snog agad? » 

 

Nam aisling chuala mi spealan dòchais a’ seinn

Tha mi a’ toirt sùil a-null turas eile
Bidh e gu siorraidh nam chuimhne
(nuair a shaoil mi)
Am fuaim brèagha a chuala mi
Am broinn an achaidh
Rinn an stàilinn rann
Air am bàrr GM
An oidhche a chaidh na reubaltaich
a-steach an rìoghachd Sheumais Ghrannd

As dèidh mèars sàmhach
tro na coilltean dorcha den Eilean Dhubh
B’ urrainn dhut an t-aonta faireachdainn
Na ghabhail grèim air an dorchadas

Chuir na companaich fallas
Ruith an ùine gu math luath oirnn
‘S nochd beagan solais
air a’ chearcall gu deas
Bha e an aghaidh toll an luchd-obrach
An cuid sàr obair a’ trèigsinn
Ach cha robh e glic a’ fuireach
Gus am briseadh latha

Gu-obann ghluais sia geòidh os ar cionn
Le beagan ceò agus fuaim na h-itealaich aca
Bha sinn gan leantainn
‘S e sreang fhada shàmhach a bh’ annainn
eadar ceò ‘s am bàrr marbh
na spealan a’ gabhail fois sna làmhan reubaltaich

Mu mo dheidhinn

  • Is mise Graisg
  • Fear aca o 'Tìr nam blòg' United Kingdom
  • Fàilte chridheil ort Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann. Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan! Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!
Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Deanta le Blogger
agus Blogger Templates