Rudeigin gam phùtadh

Fitheach a’ dol an sàs sa chòinnich
Air mullach Woollies
Naidheachdan millteach sa Nairnshire Telegraph
Ruitheaman samhraidh a’ ruith mar bu choir
Feadhainn dhiubh gun chiall
A bhios soilleir dhuinn
Copan tì, sgona agus gathan fann na grèine
Air bòrd geal cruinn plastaig
Bòrd a tha a’ crìonadh cuideachd san dòigh mì-nàdarra fhèin
Rudeigin nach eil mi buileach a’ tuigsinn
Gam phùtadh
Nas doimhne, nas doimhne
A-steach don Ghàidhlig