Dannsa na h-uarach as ìsle grèine

Tha beul an latha a’ tighinn gu slaodach
Aig astar màirnealach ach cinnteach
‘S e an latha mu dheireadh
Den leann-dubh
A-màireach, bidh e gan toirt chun an earraich
Tha a’ chuid lusach leis na gasan marbh
Air an gearradh sìos an aghaidh solais na maidne
Eòlach air an atharrachadh a tha tighinn leis an tìde
Tha gucagan nan Calltainn bhana-bhuidseach
Air an dòigh agus a’ dèanamh deiseil
Agus tha an ròs deireannach
Na mhìorbhail
A toirt fiamh-ghàire air na gàirnealairean
Fo na gathan
Tha an aigne a’ dùsgadh leis an t-solais
Obair an latha a’ toirt tlachdmhor
Fon dealbh nàdair
Ga sheòladh a’ dh’ionnsaigh an t-solais
Aig ciaradh an fheasgair
Os cionn an t-Òrd*
Tha a’ ghealach làn
Sa chruth aice
A’ ghealach as motha
A chì mi a riamh
S’ ann a’ gearradh nan cluarain a tha mi
Fon thalamh tha na freumhan
Ag ullachadh an cuid òrain
An cruinne le coltais bainne gam lorg
A’ cur piseach air m’inntinn
Cothroman nam mìltean airson na h-oidhche
Muir shocair dhraoidheil
Ga togail nam chridhe
Tha mo smaointinn deiseil airson a’ dannsadh
* ‘S e cnoc faisg air Caladair (Cawdor) a th’ann agus 's e ‘The Ord’ a th' air aig muinntir an àite seo.