« Home | Thàinig am fàileadh a nall » | Bidh am biadh deiseil ann an 20 mionaid » | Dannsa na h-uarach as ìsle grèine » | La pomme la plus haut » | Nam aisling chuala mi spealan dòchais a’ seinn » | Tha an teine gad ionndrainn » | Gathan nan trì-ficheadan » | A’ bruidhinn riut » | Bha cogais na fìor chruaidh britheamh » | A bheil car snog agad? » 

 

Shìos aig an stèisean

Bha iad nan tosd
Le coltas cianail orra
A’ gabhail an àiteachean ceart
Gach fear aca air a chòmhdach le aodaich doilleir
Dìreach mar a bha an aimsir
Choimhead iad air thoisich
Cha do ghluais iad
‘S e àm meòrachadh a bh’ ann
Agus an uair sin obair an latha
Sa bhaile mhòr

Bhris teaghlach a-steach a’ choitheanal
A-mach às an dorchadas
Bha nighean le Jack Russell
Leig an triùr eile soraidh leatha
Cainnt, dath agus faireachdainn nan cois
Mus dh’ fhalbh an trèana a dh’ ionnsaigh Inbhir Nis

Mu mo dheidhinn

  • Is mise Graisg
  • Fear aca o 'Tìr nam blòg' United Kingdom
  • Fàilte chridheil ort Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann. Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan! Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!
Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Deanta le Blogger
agus Blogger Templates