Fèis dhìoghaltais

Le tachartas cho borb
An seòrsa deamocrasaidh a fhuair Iarac
A’ tionndadh aintighearna gu martarach?
Sruth làidir gràine eile
A’ neartachadh na tuile

 

Rudeigin gam phùtadh

Thalictrum purpaidh a’ crìonadh
Fitheach a’ dol an sàs sa chòinnich
Air mullach Woollies
Naidheachdan millteach sa Nairnshire Telegraph

Ruitheaman samhraidh a’ ruith mar bu choir
Feadhainn dhiubh gun chiall
A bhios soilleir dhuinn

Copan tì, sgona agus gathan fann na grèine
Air bòrd geal cruinn plastaig
Bòrd a tha a’ crìonadh cuideachd san dòigh mì-nàdarra fhèin

Rudeigin nach eil mi buileach a’ tuigsinn
Gam phùtadh
Nas doimhne, nas doimhne
A-steach don Ghàidhlig

 

There but for the grace of God go I

Gu tur air chall
Ga roiligeadh sa choìs-uisge
Agus na lusan ud fo làn bhlàth agus àrd
Ri taobh na h-aibhne
Abhainn àlainn nam Feàrna
Agus boillsgidhean na grèine
Measgaichte le smaointean troimh-a-chèile

Bha e air leth spaideil na choltais
A dh’ aindeoin an t-suidheachadh
Agus cron tìm agus na dibhe
Chaidh e sìos dhan bhaile
Sa dhèise ghrinn
Cheannaich e biadh
Agus an uair sin cùisean do-sheachanta


ODEO Nach e teicneòlas mìorbhailteach?

 

A’ cur maille

Spealgan uaine sa ghrèine a’ toirt fianais
A’ cur maille air mo nàbaidh agus a chàr
A tighinn às tiotag ann am beatha air choireigin
San dorchadas oidhche haoine

Fuaim glainne a’ briseadh
Fuaim airgid sa chiste
Cearcall an eaconamaidh.

 

Shìos aig an stèisean

Bha iad nan tosd
Le coltas cianail orra
A’ gabhail an àiteachean ceart
Gach fear aca air a chòmhdach le aodaich doilleir
Dìreach mar a bha an aimsir
Choimhead iad air thoisich
Cha do ghluais iad
‘S e àm meòrachadh a bh’ ann
Agus an uair sin obair an latha
Sa bhaile mhòr

Bhris teaghlach a-steach a’ choitheanal
A-mach às an dorchadas
Bha nighean le Jack Russell
Leig an triùr eile soraidh leatha
Cainnt, dath agus faireachdainn nan cois
Mus dh’ fhalbh an trèana a dh’ ionnsaigh Inbhir Nis

 

Thàinig am fàileadh a nall

An dè bha am Probhaist ris a chuid pàidhichean
Thàinig am fàileadh
Gam tàladh
‘S a chuir nam chuimhne
Nuair a dh’ ithe mi beathaichean

Tha am Probhaist daonnan ann an deagh shunnd
Ach tha mòran a’ càineadh
Na h-ughdarrasan ionadail
Airson a h-uile sìon:
A h-uile pian a ghabhas sna pòcaidean
Tuill sna ràitheadan
Àrdachadh chìsean

Agus nas miosa buileach
An caill sinn ainm na Siorramachd?


Os ar cionn
Loidhneachan gheòidh ri fhaicinn
A’ leantainn am pàtran
Thairis air na dathan fanna
Fada nas dorra ri thuigsinn
Ach fada nas sìmplidh

Bliadhna mhath ùr nuair a thig i!

 

Bidh am biadh deiseil ann an 20 mionaid

Bidh am biadh deiseil ann an 20 mionaid

Thuirt an duine geal
San taigh-biadh Innseanach
Ghabh sinn an cothrom den ùine ghoirid
Agus rinn sin air sràidean Baile nan Iasgairean
A’ coimhead air solais Nollaige
Taobh a-muigh taighean
A’ dèanamh coimeas eadar bliadhnaichean
San adhair ciùin chunnaic sin grunn teaghlaichean
A ghluasad thall ‘s a bhos

Tunnagan a’ seòladh fon an drochaidh-òtrachais
Le sgilean glan nàdarrach

A h-uile fear aca làidir na chorp
‘S e coibhneas agus aran as coireach
Faisg air làimh corra-ghritheach
Ag iasgach agus coma gu bheil an seisean seachad

Ach ‘s e tinneas na dighe as coireach
Airson an fhir a thilleas dachaigh
Gu slaodach, le smaointean grànda
Sgrìobhte air aodann
A’ cagnadh air an fhìor dhuine
Fhathast ri fhaighinn uaireannan
Tron mhuir na dighe a th’air a bhogadh

An A96 a’ giùlain cus trafaig mar as àbhaist
Luchd-caitheamh a dhèanamh mar bu chòir
An t-eaconamaidh a’ cumail a’ dol
Chaidh iad dhan mìle an òir
Nan ceudan
O Fharrais, O Eilginn, agus nas fhada na sin

Deugairean le planaichean
A bhriseas botail falamh de bhuckfast
Às an t-sealladh den CCTV
Ann an treun an neirt
A’ lorg susbaint
A’ lorg ciall


Ach blas eile san adhair
Spioraid sònraichte buailteach a bhriseadh a-mach
A’ toirt aisling do mhac an duine,
Aisling dòchais,
Tha teans eile againn airson mionaid no dhà
A bhith diofraichte

Agus na reultan a’ cumail sùil oirnn h-uile
Agus ar gnothaichean aimsireil

Mu mo dheidhinn

  • Is mise Graisg
  • Fear aca o 'Tìr nam blòg' United Kingdom
  • Fàilte chridheil ort Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann. Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan! Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!
Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Deanta le Blogger
agus Blogger Templates