« Home | Dannsa na h-uarach as ìsle grèine » | La pomme la plus haut » | Nam aisling chuala mi spealan dòchais a’ seinn » | Tha an teine gad ionndrainn » | Gathan nan trì-ficheadan » | A’ bruidhinn riut » | Bha cogais na fìor chruaidh britheamh » | A bheil car snog agad? » 

 

Bidh am biadh deiseil ann an 20 mionaid

Bidh am biadh deiseil ann an 20 mionaid

Thuirt an duine geal
San taigh-biadh Innseanach
Ghabh sinn an cothrom den ùine ghoirid
Agus rinn sin air sràidean Baile nan Iasgairean
A’ coimhead air solais Nollaige
Taobh a-muigh taighean
A’ dèanamh coimeas eadar bliadhnaichean
San adhair ciùin chunnaic sin grunn teaghlaichean
A ghluasad thall ‘s a bhos

Tunnagan a’ seòladh fon an drochaidh-òtrachais
Le sgilean glan nàdarrach

A h-uile fear aca làidir na chorp
‘S e coibhneas agus aran as coireach
Faisg air làimh corra-ghritheach
Ag iasgach agus coma gu bheil an seisean seachad

Ach ‘s e tinneas na dighe as coireach
Airson an fhir a thilleas dachaigh
Gu slaodach, le smaointean grànda
Sgrìobhte air aodann
A’ cagnadh air an fhìor dhuine
Fhathast ri fhaighinn uaireannan
Tron mhuir na dighe a th’air a bhogadh

An A96 a’ giùlain cus trafaig mar as àbhaist
Luchd-caitheamh a dhèanamh mar bu chòir
An t-eaconamaidh a’ cumail a’ dol
Chaidh iad dhan mìle an òir
Nan ceudan
O Fharrais, O Eilginn, agus nas fhada na sin

Deugairean le planaichean
A bhriseas botail falamh de bhuckfast
Às an t-sealladh den CCTV
Ann an treun an neirt
A’ lorg susbaint
A’ lorg ciall


Ach blas eile san adhair
Spioraid sònraichte buailteach a bhriseadh a-mach
A’ toirt aisling do mhac an duine,
Aisling dòchais,
Tha teans eile againn airson mionaid no dhà
A bhith diofraichte

Agus na reultan a’ cumail sùil oirnn h-uile
Agus ar gnothaichean aimsireil

Mu mo dheidhinn

  • Is mise Graisg
  • Fear aca o 'Tìr nam blòg' United Kingdom
  • Fàilte chridheil ort Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann. Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan! Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!
Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Deanta le Blogger
agus Blogger Templates