« Home | La pomme la plus haut » | Nam aisling chuala mi spealan dòchais a’ seinn » | Tha an teine gad ionndrainn » | Gathan nan trì-ficheadan » | A’ bruidhinn riut » | Bha cogais na fìor chruaidh britheamh » | A bheil car snog agad? » 

 

Dannsa na h-uarach as ìsle grèine

Seo rudeigin eile a sgrìobh mi sa Fhraingis aig an àm seo den bhliadhna ann an 1999. A-nochd rinn mi eadar-theangachadh. Ma tha ùidh agad sa Fhraingis seo e agus ma tha thu fhathast gam leughadh seo e sa Ghàidhlig:-)

Tha beul an latha a’ tighinn gu slaodach
Aig astar màirnealach ach cinnteach

‘S e an latha mu dheireadh
Den leann-dubh
A-màireach, bidh e gan toirt chun an earraich

Tha a’ chuid lusach leis na gasan marbh
Air an gearradh sìos an aghaidh solais na maidne
Eòlach air an atharrachadh a tha tighinn leis an tìde

Tha gucagan nan Calltainn bhana-bhuidseach
Air an dòigh agus a’ dèanamh deiseil
Agus tha an ròs deireannach
Na mhìorbhail
A toirt fiamh-ghàire air na gàirnealairean

Fo na gathan
Tha an aigne a’ dùsgadh leis an t-solais
Obair an latha a’ toirt tlachdmhor
Fon dealbh nàdair
Ga sheòladh a’ dh’ionnsaigh an t-solais

Aig ciaradh an fheasgair
Os cionn an t-Òrd*
Tha a’ ghealach làn
Sa chruth aice
A’ ghealach as motha
A chì mi a riamh

S’ ann a’ gearradh nan cluarain a tha mi
Fon thalamh tha na freumhan
Ag ullachadh an cuid òrain
An cruinne le coltais bainne gam lorg
A’ cur piseach air m’inntinn
Cothroman nam mìltean airson na h-oidhche

Muir shocair dhraoidheil
Ga togail nam chridhe
Tha mo smaointinn deiseil airson a’ dannsadh

* ‘S e cnoc faisg air Caladair (Cawdor) a th’ann agus 's e ‘The Ord’ a th' air aig muinntir an àite seo.

Mu mo dheidhinn

  • Is mise Graisg
  • Fear aca o 'Tìr nam blòg' United Kingdom
  • Fàilte chridheil ort Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann. Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan! Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!
Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Deanta le Blogger
agus Blogger Templates