« Home | Bidh am biadh deiseil ann an 20 mionaid » | Dannsa na h-uarach as ìsle grèine » | La pomme la plus haut » | Nam aisling chuala mi spealan dòchais a’ seinn » | Tha an teine gad ionndrainn » | Gathan nan trì-ficheadan » | A’ bruidhinn riut » | Bha cogais na fìor chruaidh britheamh » | A bheil car snog agad? » 

 

Thàinig am fàileadh a nall

An dè bha am Probhaist ris a chuid pàidhichean
Thàinig am fàileadh
Gam tàladh
‘S a chuir nam chuimhne
Nuair a dh’ ithe mi beathaichean

Tha am Probhaist daonnan ann an deagh shunnd
Ach tha mòran a’ càineadh
Na h-ughdarrasan ionadail
Airson a h-uile sìon:
A h-uile pian a ghabhas sna pòcaidean
Tuill sna ràitheadan
Àrdachadh chìsean

Agus nas miosa buileach
An caill sinn ainm na Siorramachd?


Os ar cionn
Loidhneachan gheòidh ri fhaicinn
A’ leantainn am pàtran
Thairis air na dathan fanna
Fada nas dorra ri thuigsinn
Ach fada nas sìmplidh

Bliadhna mhath ùr nuair a thig i!

Mu mo dheidhinn

  • Is mise Graisg
  • Fear aca o 'Tìr nam blòg' United Kingdom
  • Fàilte chridheil ort Tha mi 47 bliadhna a dh'aois, tha mi pòsta 's tha mi a' fuireach ann an Inbhir Narann. Tha e a' còrdadh rium a bhith sgrìobhadh beagan Gàidhlig. Tha mi fhathast ag ionnsachadh 's mar sin dheth, cha bhi a h-uile càil buileach ceart: nì mi mearachdan! Co-dhiù ma tha greiseag agad - thig a-steach!
Tuilleadh mu dheidhinn Gràisg
Deanta le Blogger
agus Blogger Templates